Mu ar deidhinn

Luachan na Companaidh

Tha a bhith a’ cruthachadh bhuannachdan sòisealta agus soirbheas eaconamach le bhith a’ togail buidheann phort-adhair seasmhach Albannach airson an àm ri teachd aig cridhe obair HIAL.

Tha seo air a dhaingneachadh leis an lèirsinn againn gu bheil sinn airson a bhith nar buidheann phort-adhair roinneil le cothromachadh-carboin.


Le cultar làidir air a stiùireadh le luachan, tha na h-àrd-amasan sin a’ toirt taic do lìbhrigeadh ar prìomhachasan ro-innleachdail, stèidhichte air:

Fosgailteachd - Bidh sinn ag obair còmhla gus earbsa a thogail anns an eòlas/sna sgilean againn; chan eil sinn ag obair ann an sloc fèin-ùidh.

Spèis  - Bidh sinn daonnan ag èisteachd ri, agus a’ freagairt ri custamairean agus co-obraichean; cha dèan sin dearmad air feumalachdan chàch.

Ùr-ghnàthachadh - Tha sinn daonnan a’ feuchainn ri rudan a dhèanamh nas fheàrr san àm ri teachd, cha bhi sinn dìreach a’ gabhail ris an status quo.

Uallach  - Bidh sinn daonnan a’ gabhail uallach airson ar cuid gnìomhan; chan eil sinn an dùil gun dèan daoine eile seo.

Sàr-mhathas  - Bidh sinn daonnan a’ dèanamh ar dìcheall gus an ìre as fheàrr as urrainn; cha ghabh sinn ri dad nas lugha.