A’ Ghàidhlig
Gàidhlig ann an Alba
Tha a’ Ghàidhlig na cànan gu math àrsaidh a bha ga bruidhinn ann an Alba fad iomadh linn agus thathar a’ smaoineachadh gur ann à Èirinn a thàinig i bho thùs.
Fad linntean bha a’ Ghàidhlig ga bruidhinn air feadh na h-Alba, bho cheann a deas na dùthcha sna Crìochan gu eileanan a’ chosta an iar agus air an dùthaich ann an Siorrachd Obar Dheathain. Anns an t-17mh linn chaidh a’ Ghàidhlig a thoirmeasg leis a’ Chrùn agus thug Fuadaichean nan Gàidheal san 18mh linn droch bhuaidh oirre cuideachd, nuair a rinneadh gheur-leanmhainn air Albannaich airson a bhith a’ bruidhinn a’ chànain. Ach, gu sònraichte anns na beagan deicheadan mu dheireadh, tha a’ Ghàidhlig air fàs nas fhollaisiche ann an Alba, le cha mhòr 70,000 Albannach a-nis a’ bruidhinn a’ chànain.
Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe iomadh traidisean cultarach agus cluinnidh tu seinn Gàidhlig ann an taighean-seinnse traidiseanta air feadh na h-Alba, a bharrachd air tachartasan bliadhnail leithid Fèis Cheilteach Innse Gall, Celtic Connections, Fèis Ealain na Hearadh agus tòrr a bharrachd. Tha Gàidhlig cuideachd air nochdadh anns an t-sreath telebhisean mòr-chòrdte "Outlander”.
Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu Ghàidhlig na h-Alba air làrach-lìn VisitScotland a’ gabhail a-steach cò às a thàinig i, agus mar as urrainn dhuibh tlachd fhaighinn às a’ chànan air feadh na h-Alba.
Faclan: VisitScotland
Gàidhlig san sgìre againn
Taobh a-staigh nan sgìrean ùghdarrais ionadail anns a bheil sinn ag obair, tha Na h-Eileanan Siar a’ gabhail a-steach puirt-adhair Bharraigh, Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhaigh. An seo tha comas air choreigin sa Ghàidhlig aig 60% den t-sluaigh, an àireamh sa cheud as àirde ann an àite sam bith ann an Alba.
Ann an Roinn na Gàidhealtachd, tha beagan Gàidhlig aig mu 7% den t-sluagh, agus tha a’ mhòr-chuid ri lorg ann an, agus timcheall air, Inbhir Nis. Ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid, far a bheil Port-adhair Cheann Loch Chille Chiarain stèidhichte, tha clàran a’ sealltainn gu bheil comais a choireigin sa Ghàidhlig aig cha mhòr 6% den t-sluagh.
Gàidhlig anns na puirt-adhair againn
Tha Plana Gàidhlig HIAL a’ gabhail a-steach naoi de na puirt-adhair againn a bharrachd air na gnìomhan corporra agus prìomh oifisean againn. Tha puirt-adhair Kirkwall agus Sumburgh air an saoradh bhon phlana, agus sinn ag aithneachadh feartan cultarail is cànanach sònraichte nan Eilean a Tuath.
Leugh am Plana Gàidhlig againn gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn a-mach mu ghealltanasan HIAL a thaobh na Gàidhlig agus a cultar, agus na ceumannan a tha sinn a’ gabhail gus a h-ìomhaigh àrdachadh thar nan coimhearsnachdan agus leis an luchd-siubhail againn.
Agus ma tha thu ann am fear de na puirt-adhair againn, a bharrachd air Gàidhlig sgrìobhte fhaicinn air na soidhnichean againn, ’s dòcha gun cluinn thu luchd-obrach agus muinntir an àite a’ bruidhinn sa Ghàidhlig cuideachd.
Cuiridh sinn fàilte air conaltradh ann an Gàidhlig sgrìobhte, agus freagaraidh sinn sibh anns a' Ghàidhlig.