HIAL a’ foillseachadh aithisg bhliadhnail airson 2023/24

Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Earranta (HIAL) air a aithisg bhliadhnail is cunntasan as ùire fhoillseachadh airson na bliadhna ionmhais 2023/24.

Ann an suidheachadh far a bheil cuideam air ionmhas a tha a’ sìor fhàs, tha stiùireadh ro-innleachdail gus cosgaisean a lùghdachadh, teachd-a-steach coimeirsealta àrdachadh agus sruthan teachd-a-steach ùra a chruthachadh air fàgail gun robh toradh bliadhnail againn a bha £3.6 millean na b’ ìsle na an tabhartas bliadhnail bho Chòmhdhail Alba.

Tron bhliadhna, fhuair HIAL subsadaidh poblach de £50,689,000 a’ gabhail a-steach maoineachadh teachd-a-steach de £38,221,000 agus maoineachadh calpa de £11,812,000 agus le maoineachadh iasaid de £656,000 a bharrachd airson gnothaichean coimeirsealta.

Bha àireamh an luchd-siubhail aig HIAL seasmhach tron bhliadhna le beagan nas lugha na 1.5 millean neach-siubhail ann eadar na 11 puirt-adhair aige, àrdachadh de 3.5% ann am figearan luchd-siubhail an taca ri bliadhna ionmhais 2022/23. Ach, a dh’aindeoin nan àrdachaidhean thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh, tha àireamhan luchd-siubhail fhathast faisg air 12% nas ìsle na ìrean ron ghalair lèir-sgaoilte ann an 2019/20.

Tha am maoineachadh agus an taic leantainneach bho Chòmhdhail Alba air HIAL a chuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh prògram calpa de chòrr is £12 millean gus bun-structar nam port-adhair a leasachadh. Bha seo a’ gabhail a-steach nam port-adhair uile againn agus e a’ gabhail a-steach pròiseactan cho eadar-dhealaichte ri leudachadh air togalach a’ phuirt-adhair ann am Barraigh agus ath-uachdarachadh agus ath-leasachadh an raoin-laighe ann an Ìle.

Thuirt Lorna Jack, Cathraiche HIAL: “Tha suidheachadh ionmhais na roinne poblaich dùbhlanach agus chan eil coltas ann gun atharraich sin san aithghearrachd. Cumaidh sinn oirnn a’ cur fòcas air a bhith a’ togail teachd a-steach coimeirsealta agus a’ lùghdachadh chosgaisean.

“Mar sin, tha mi ag iarraidh an luchd-obrach uile againn a mholadh airson an cuid obrach gus leigeil leinn a bhith soirbheachail nar n-oidhirpean agus iad cuideachd a’ cumail suas na h-àrd ìre de sheirbheis chustamairean, rud aig a bheil cliù aig ar daoine air a shon."

Aithisg Bhliadhnail is Cunntasan gu 31 Màrt 2024

Published: 13th December 2024