
Tha sinn air am Plana Ro-innleachdail againn airson 2023-2028 ùrachadh às dèidh ath-sgrùdadh air an taobh a-staigh le àrd-mhanaidsearan agus Bòrd HIAL.
B’ e toradh an ath-bhreithneachaidh gum feum an t-amas a th’ againn an-dràsta a bhith a’ lìbhrigeadh ar prìomh ghnìomhachdan, a bhith a’ comharrachadh èifeachdas agus sàbhalaidhean cosgais a leantainn agus sinn a’ feuchainn ri aghaidh a chur air na dùbhlain ionmhasail mòra a tha mu choinneamh na roinne poblaich.
Ged a tha buidseatan gu math teann againn fhathast, tha an dùbhlan againn air gluasad air adhart bhon t-suidheachadh goirid às dèidh Covid-19 agus tha sinn air an cothrom a ghabhail aithris a’ Phlana ùrachadh.
Tha sinn air adhartas nach beag a dhèanamh ann a bhith a’ lìbhrigeadh nan amasan ro-innleachdail againn sa chiad bhliadhna den Phlana Ro-innleachdail againn. Rinn sinn sgrùdadh air na cosgaisean gnìomhachais is obrachaidh againn gus lùghdachaidhean cosgais a dh’fhaodadh a bhith ann a chomharrachadh, gus cur ri teachd-a-steach coimeirsealta agus gus obrachadh ann an dòigh cho èifeachdach ’s a ghabhas. Agus le cuideachadh bho luchd-obrach air feadh na Companaidh, lìbhrig sinn toradh aig deireadh na bliadhna a bha £3.6m na b’ ìsle na an tabhartas bliadhnail a bha ri fhaighinn dhuinn air 31 Màrt 2024.
Tha earrann ùr sa Phlana a tha a’ mìneachadh na tha sinn air coileanadh agus chaidh cuid de na raointean fòcais againn fo gach prìomhachas ro-innleachdail ùrachadh gus an t-adhartas a rinneadh gu ruige seo a shealltainn.
Tha sinn air am Plana Obrachaidh Corporra againn airson 2025/26 fhoillseachadh a tha a’ mìneachadh ar n-amasan airson na bliadhna air thoiseach oirnn a chuidicheas sinn gus ar prìomhachasan ro-innleachdail a lìbhrigeadh.
Tha an soirbheachas againn gu ruige seo mar thoradh air dealas agus obair luachmhor ar luchd-obrach loidhne-aghaidh agus taic. Agus sinn a’ gluasad air adhart, tha sinn misneachail a thaobh a’ chomais againn uile gus aghaidh a chur ris na dùbhlain a tha romhainn.