Dh’fhoillsich Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta am Plana Gàidhlig aige airson 2021-2026 an-diugh.
A’ togail air adhartas a rinneadh bho chaidh a’ chiad tionndadh den Phlana a thoirt a-steach ann an 2013, tha am plana seo a’ mìneachadh amasan is rùintean ùraichte HIAL airson nan còig bliadhna a tha romhainn agus tha e cuideachd a’ mìneachadh mar a thèid an coileanadh tron chompanaidh air fad.
Tha eileamaidean cudromach de Phlana 2021-2026 a’ gabhail a-steach mar a leudaicheas HIAL cleachdadh na Gàidhlig na obair làitheil, mar a thèid barrachd chothroman conaltraidh sa Ghàidhlig a thoirt dhan phoball, agus mar a bhios HIAL ag adhartachadh agus a’ cumail taic ri leasachadh na Gàidhlig an dà chuid air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh.
Thuirt Lorna Jack, Cathraiche Bòrd HIAL: “Tha mi toilichte gun urrainn dhomh Plana Gàidhlig HIAL 2021-2026 fhoillseachadh dhan luchd-obrach, luchd-siubhail, coimhearsnachdan ionadail agus luchd-ùidh againn, agus do na buidhnean com-pàirteach againn. Tha HIAL a’ tuigsinn gu bheil Gàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas agus cultar na h-Alba agus tha sinn mothachail air a’ phàirt chudromaich a tha aig gnìomhachas na turasachd ann a bhith a’ brosnachadh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig barrachd.”
Na bu thràithe am-bliadhna ghabh Bòrd agus Àrd-mhanaidsearan HIAL pàirt ann an seisean Mothachaidh Gàidhlig a bha gu math tlachdmhor agus soirbheachail; air a’ mhìos sa chaidh, chaidh seisean den aon seòrsa a thoirt do cho-obraichean bho ghrunn phuirt-adhair agus bha seo a’ gabhail a-steach cothrom do luchd-obrach a tha ag obair leis a’ phoball briathrachas Gàidhlig ionnsachadh gus an cuideachadh gus conaltradh a dhèanamh le luchd-siubhail sa Ghàidhlig. Chaidh an dà sheisean a cho-mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus a thoirt seachad le Fèisean nan Gaidheal.