Tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean Earranta air an aithisg bhliadhanail aca fhoillseachadh airson 2020/21.
Ag obair gu dlùth le Còmhdhail Alba agus Loganair, rinn HIAL cinnteach gum biodh seirbheis cnàimhneach de sheirbheisean loidhne-teasairginn ann do na h-eileanan tron ghlasadh-sìos. Rinn an clàr cinnteach gum b’ urrainn do na puirt-adhair aig HIAL cumail orra a’ toirt seachad sheirbheisean riatanach do choimhearsnachdan eileanach iomallach, a’ gabhail a-steach seirbheisean èiginn gluasad euslaintich aig an NHS, seirbheisean a’ Phuist Rìoghail agus taic dhan ghnìomhachas cumhachd far a’ chosta.
Chuir cuingealachaidhean air siubhal agus grunn ghlasaidhean-sìos ionadail agus nàiseanta gu lùghdachadh de 77% tro na puirt-adhair air fad aige airson 2020/21. A rèir nam figearan mu dheireadh airson 2020/21, bha beagan nas lugha na 393,000 luchd-siubhail againn an taca ri 1.68 millean ann an 2019/20.
Bha an lùghdachadh ann an àireamhan an luchd-siubhail follaiseach air feadh nan 11 puirt-adhair againn. Bha a’ bhuaidh a bu lugha air Sumburgh ann an Sealtainn, a tha a’ frithealadh roinn na h-ola agus a’ ghas, ach bha lùghdachadh de 47% ann an àireamhan an luchd-siubhail.
Bha àireamhan ann an Sumburgh sìos bho cha mhòr 308,000 gu beagan nas lugha na 163,000 ann am bliadhna. Thuit àireamhan an luchd-siubhail ann am Port-adhair Inbhir Nis, am port-adhair as motha sa bhuidhinn bho cha mhòr 917,000 ann an 2019/20 gu nas lugha na 110,000 ann an 2020/21.
Tron bhliadhna, fhuair HIAL, a tha fo làn shealbh Ministearan na h-Alba, subsadaidh poblach de £56,846,000 a’ gabhail a-steach maoineachadh teachd-a-steach de £36,600,000 agus maoineachadh calpa de £20,246,000 agus le maoineachadh iasaid de £3,555,000 a bharrachd airson ghnothaichean coimeirsealta.
Bha prìomhachas aig ceumannan lasachaidh Covid-19 a chaidh a thoirt a-steach tro na puirt-adhair togalaichean oifis uile HIAL, ach bha tasgadh mòr de £23.8 millean ann am pròiseactan calpa air feadh na companaidh cuideachd.
Bha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ tasgadh £2.6 millean am pròiseact drèanaidh ann am Port-adhair Inbhir Nis gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-uisge a tha a’ ruith far an raoin laighe aig ìre àrainneachdail nas fheàrr. Còmhla ris an stuth dì-reòthachaidh air na raointean laighe, leigidh seo le HIAL a gealltanas a bhith a’ cur ris a’ chliù àrainneachdail aige a choileanadh.
Rinneadh adhartas cuideachd leis an amas sgìre seirbheisean-adhair le cothromachadh-carboin a dhèanamh den Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha HIAL a’ stiùireadh pròiseact £3.7 millean a bhios a’ cruthachadh prògram còmhdhail adhair seasmhach a dh’fhaodadh cruth-atharrachadh a thoirt air tursan adhair goirid eadar coimhearsnachdan iomallach. Chaidh pròiseact na h-Àrainneachd Deuchainn Seirbheisean Adhair Seasmhach (Sustainable Aviation Test Environment - SATE) a chur air bhog san Fhaoilleach bhon ionad deuchainn adhair ann am Port-adhair Kirkwall agus tha a’ chiad turas-adhair dealanach-hybrid air tachairt ann rè an t-samhraidh.
Thuirt Inglis Lyon, Manaidsear-stiùiridh: “Cha robh an t-àm bhon Mhàrt 2020 air a bhith coltach ri àm sam bith eile san eachdraidh againn a thaobh buaidh air ar sgiobaidhean agus air companaidhean-adhair com-pàirteach.
"Ron ghalar lèir-sgaoilte, bha na puirt-adhair againn air leth proifeiseanta, ach pearsanta, dhan a h-uile neach-ceannach – luchd-còmhnaidh ionadail, gnìomhachasan ionadail, luchd-tadhail agus feadhainn eile. Tha e na adhbhar moit dhomh gun do lean seirbheis den ìre as fheàrr tron ghalar-sgaoilte mar thoradh air na co-obraichean againn air feadh a’ ghnothachais air fad.
"Cha bhiodh e comasach dhuinn a’ cheangailteachd ro-chudromach seo a chumail tron ghalar lèir-sgaoilte mur a b’ e an obair chruaidh aig a h-uile duine ann an HIAL. Tha mi airson taing a thoirt dhaibh uile airson an dìcheall agus airson na taic leantainneach a tha iad a’ toirt seachad.
"Bha freagairt tùsail is leantainneach HIAL mar thoradh air planadh ro-innleachdail làidir agus mar thoradh air an t-sùbailteachd shònraichte aige HIAL air fad. Bha am planadh agus an dealas seo chan ann a-mhàin a’ dèanamh cinnteach gun robh sinn deiseil nuair a chaidh cuingealachaidhean a lùghdachadh, tha e cuideachd na bhunait airson ar soirbheachas san àm ri teachd.
Thuirt Cathraiche HIAL, Lorna Jack: "Tha galar lèir-sgaoilte air buaidh a thoirt air gnìomhachas na còmhdhail adhair air feadh na dùthcha agus tha e air buaidh nach beag a thoirt air gach taobh de dh’obair HIAL. Tha sinn air an t-slighe gu ath-shlànachadh ach bheir sin ùine. Ach tha am pròiseas ath-bheothachaidh a’ toirt cothrom dhuinn ar seirbheisean ath-shuidheachadh – gus feumalachdan chompanaidhean-adhair agus luchd-siubhail às dèidh a’ choròna-bhìorais aithneachadh agus gus ar seirbheisean ath-smaoineachadh agus ath-thogail gus na feumalachdan sin a choileanadh."
Dh’fhoillsich HIAL a Ro-innleachd agus Plana Ath-bheothachaidh Covid-19 airson 2021-2026 air 1 Gearran 2021, a’ mìneachadh mar a tha e ag amas air freagairt air seo agus air ath-bheothachadh sna bliadhnachan ri teachd. Is e am prìomhachas ro-innleachdail iomlan a bhith a’ dì-charbonachadh nan obraichean aige agus a’ cumail na lèirsinn fad-ùine gus a bhith na bhuidheann puirt-adhair roinneil le cothromachadh-carboin agus a’ dèanamh cinnteach gum bi seirbheisean adhair seasmhach gu h-àrainneachdail air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-eileanan san àm ri teachd.
Tha HIAL a’ cumail air a’ ruith agus a’ stiùireadh nan 11 port-adhair aca a rèir poileasaidh Ministreil na h-Alba agus a bhith a’ cumail taic ri leas sòisSealta is eaconamach nan sgìrean buntainneach. Cumaidh e air ag obair le Riaghaltas na h-Alba, buidhnean com-pàirteachaidh agus na companaidhean adhair com-pàirteachaidh gus prìomh shlighean a chumail agus gus seirbheisean ùra a thoirt a-staigh far an urrainn dha.