Bidh Bòrd-Stiùiridh HIAL a’ cumail Àrd-Sgioba Stiùiridh cunntachail a thaobh na ro-innleachd aca airson a’ ghnìomhachais agus a’ toirt seachad stiùireadh agus taic dhaibh an dà chuid air cuisean co-cheangailte ri seirbheisean adhair agus air cùisean eile.
Bidh am Bòrd a’ sgrùdadh sàbhailteachd is tèarainteachd, riaghladh chunnartan, riaghladh corporra, ionmhas, ro-innleachd gnìomhachais is choimeirsealta agus goireasan daonna. Bidh stiùirichean ag obair fo Chòd Giùlain Bhuill Bùird HIAL, stèidhichte air a’ Chòd Modail a dh’fhoillsich Coimisean Inbhean na h-Alba, a bharrachd air a bhith ag aithneachadh stiùireadh riaghlaidh corporra foillsichte eile. Tha buill a’ Bhùird air an cur an dreuchd le Riaghaltas na h-Alba.
Faic Aithisg Riochdachaidh Gnè Bòrd HIAL - a chaidh fhoillseachadh 26 Màrt 2021.
Fiosrachadh mu bhuill Bòrd HIAL:
Paul Kelsall, Àrd-oifigear - Oifigear Gnìomhach
Jamie Manson, Prìomh Oifigear Ionmhais - Stiùiriche Gnìomhach
Christopher Holliday, Stiùiriche Neo-ghnìomhach
Lynne Clow, Stiùiriche Neo-ghnìomhach
Loraine Strachan, Stiùiriche Neo-ghnìomhach
Isabel Todenhoefer, Stiùiriche Neo-ghnìomhach
Greg Colgan, Stiùiriche Neo-ghnìomhach, Bòrd Port-adhair Dhùn Dè Earranta