Paul Kelsall - Stiùiriche Gnìomhach HIAL
Thàinig Paul gu HIAL sa Chèitean 2024, a’ toirt leis eòlas farsaing air gnìomhachas nan seirbheisean adhair. Thòisich a chuid obrach ann an gnìomhachas nan seirbheisean adhair anns a’ Chabhlach Rìoghail mus do ghluais e gu obair gnìomhachais agus choimeirsealta ann an roinn nan seirbheisean adhair prìobhaideach.
Chaidh Paul a dh’obair aig Bond Offshore ann an 2006, an toiseach mar Àrd Neach-trèanaidh an Sgioba Adhair, an uair sin mar Rianadair Sgioba Adhair mus deach e na Mhanaidsear Lorg is Teasairginn ann an 2013. Ann an 2015 chaidh a chur an dreuchd mar Stiùiriche Lìbhrigeadh Seirbheis le Babcock Offshore, agus bha e an uair sin na Stiùiriche Obraichean bho 2019.
Bho chionn ghoirid, bha Paul na Stiùiriche Riaghlaidh agus na Mhanaidsear Cunntachail airson Offshore Helicopter Services UK Limited, dreuchd a bha aige bhon Ghearran 2021. Aig an àm sin, stiùirich Paul an gnìomhachas tro phròiseas Ùghdarras Farpais is Margaidhean agus an uair sin tro bhith a’ gluasad gu sealbhadair ùr.
Clàr nan Com-pàirtean
Dreuchdan le tuarastal:
- (chan eil gin air an liostadh)
Com-pàirtean neo-ionmhasail:
- (chan eil gin air an liostadh)
Com-pàirtean buntainneach is aithnichte aig cèile, companach, agus teaghlach dlùth:
- (chan eil gin air an liostadh)
Gnothaichean co-cheangailte:
- (chan eil gin air an liostadh)
Taighean, fearann is togalaichean:
- (chan eil gin air an liostadh)
An t-ùrachadh mu dheireadh:
An t-Iuchar 2024