Bòrd-stiùiridh

Lynne Clow - Stiùiriche Neo-ghnìomhach

Às dèidh dhi ceumnachadh bho Oilthigh Shrath Chluaidh, thòisich i a dreuchd ann an roinn an ionmhais aig Standard Life mus do ghluais i gu Deutsche Bank far an d' rinn i adhartas sa phroifeisean HR.  

Tha Lynne na h-oifigear aig àrd-ìre le eòlas farsaing air HR, ag tha i air tòrr obrach a dhèanamh le aonaidhean-ciùird agus comhairlean obrach, anns an RA agus air feadh na cruinne.  Bha Lynne ag obair ann an gnìomhachas an teicneòlais le Digital Bridges mus do thill i gu Standard Life mar Cheannard HR airson Gnìomhachas Eadar-nàiseanta agus Ionad Corporra na Buidhne.  Ghluais i an uair sin gu saothrachadh gus dreuchd Stiùiriche HR agus Prìomh Oifigear Obrachaidh a ghabhail aig Havelock Europa PLC agus bha i na Àrd Iar-cheannard, air HR agus Seirbheisean Co-roinnte airson KCA Deutag, companaidh Ola is Gas. 

Aig an àm seo, tha Lynne na Stiùiriche Neo-ghnìomhach air Seirbheis Prìosain na h-Alba, na Stiùiriche Neo-ghnìomhach agus Cathraiche Comataidh Tuarastail air Ithaca Energy PLC, agus na ball cathrachaidh air Pannal na Cloinne. 

Tha Lynne air fuireach is air obrachadh thall thairis, ach le teaghlach às a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan an Iar, tha i den bheachd gu bheil i na Gàidheal na cridhe.  Bidh i a' cur seachad cuid mhath den bhliadhna a’ fuireach faisg air Ullapul.

Clàr nan Com-pàirtean

Dreuchdan le tuarastal:

  • Seirbheis Prìosain na h-Alba - Stiùiriche Neo-ghnìomhach
  • Newton House Consulting- an t-aon Stiùiriche
  • Ithaca Energy plc

Com-pàirtean neo-ionmhasail:

  • (chan eil gin air an liostadh)

Com-pàirtean buntainneach is aithnichte aig cèile, companach, agus teaghlach dlùth:

  • (chan eil gin air an liostadh)

Gnothaichean co-cheangailte:

  • (chan eil gin air an liostadh)

Taighean, fearann is togalaichean:

  • (chan eil gin air an liostadh)

An t-ùrachadh mu dheireadh:

  • An t-Iuchar 2024