Bòrd-stiùiridh

Lorna Jack - Cathraiche HIAL

Na neach-cunntais clàraichte agus na ceumnaiche bho Oilthigh Obar Dheathain, tha Lorna air a bhith air a’ Bhòrd mar stiùiriche neo-ghnìomhach bhon Mhàrt 2014.

Bha i na cathraiche air a’ chomataidh sgrùdaidh fad còrr air trì bliadhna, agus i a’ dol na Cathraiche Eadar-amail ann an 2017, mus deach a cur an dreuchd mar Chathraiche a’ Bhùird ann an 2019.

San t-Samhain 2022 chaidh i na Cathraiche air Bòrd WBG Group, companaidh san roinn phrìobhaidich a tha a’ tabhann seirbheisean sgrùdaidh, ionmhas corporra, cunntasachd is chìsean le lìonra de dh’oifisean air feadh na h-Alba.

San t-Samhain 2023, chaidh Lorna na ball air Bòrd comhairleachaidh Port-adhair Mhanainn, a’ toirt comhairle ro-innleachdail do Riaghaltas Mhanainn air structar agus obrachadh a’ phuirt-adhair aca.

Tha Lorna na h-Iar-chathraiche air Bòrd Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, a’ bhuidheann a tha a’ maoineachadh agus a’ cumail sùil air Oilthighean agus colaistean na h-Alba, agus tha i na Cathraiche air a’ Chomataidh Ionmhais aca. 

Bho 1 Sultain 2022 tha i air a bhith na Consal Urramach airson Rìoghachd nan Tìrean Ìsle ann an Alba, agus bho 1 Faoilleach 2024, tha i air a bhith na Rùnaire air Buidheann nan Consalan, buidheann shaor-thoileach a tha a’ toirt na coimhearsnachd dioplòmasaich ann an Alba còmhla. 

Tha i cuideachd na cathraiche air pannal an tachartais bhliadhnail Duaisean Laghail na h-Alba.

Bha Lorna na h-àrd-oifigear air Comann Lagha na h-Alba roimhe fad 13 bliadhna gus an do leig i dhith a dreuchd san Fhaoilleach 2022.  Is e Comann Lagha na h-Alba a’ bhuidheann phroifeiseanta airson luchd-lagha Albannach. Bha i cuideachd na h-Urrasair agus na h-Ionmhasair air Fonndas Eadar-nàiseanta McConnell roimhe.

Clàr nan Com-pàirtean

Dreuchdan le tuarastal:

  • Comhairle Maoineachaidh na h-Alba - Ball a’ Bhùird is Iar-chathraiche
  • wbg - Stiùiriche is Cathraiche
  • Bòrd Comhairlichean Port-adhair Mhanainn

Com-pàirtean neo-ionmhasail:

  • Consal Urramach airson nan Tìrean Ìosal ann an Alba
  • El Two Ltd - Stiùiriche
  • Eurodome Earranta - rùnaire na companaidh

Com-pàirtean buntainneach is aithnichte aig cèile, companach, agus teaghlach dlùth:

  • (chan eil gin air an liostadh)

Gnothaichean co-cheangailte:

  • (chan eil gin air an liostadh)

Taighean, fearann is togalaichean:

  • (chan eil gin air an liostadh)

An t-ùrachadh mu dheireadh:

  • An t-Iuchar 2024