Christopher William Andrew Holliday - Stiùiriche Neo-ghnìomhach HIAL
Tha còrr air 37 bliadhna de dh’eòlas aig Chris air gnìomhachas nan seirbheisean adhair roinneil. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith ag obair do chompanaidhean-adhair, luchd-dèanamh phlèanaichean agus do chomann gnìomhachais. Am measg nan ùidhean aige ann an raon nan seirbheisean adhair tha sàbhailteachd agus solarachadh cheanglaichean adhair deatamach do choimhearsnachdan iomallach. A’ coimhead air adhart, tha Chris ag aithneachadh cho cudromach ’s a bhios teicneòlasan ùra ann an seirbhisean adhair. Teicneòlas a nì gnìomhachas an itealain nas eaconamagaiche, nas earbsaiche agus nas seasmhaiche.
Tha 14 bliadhna de dh’eòlas aige de bhith ag obair le companaidhean-adhair roinneil a tha a’ ruith seirbheisean do dh’Alba agus taobh a-staigh na h-Alba. Rè na h-ùine seo, bha obraichean aig àrd-ìre aig Chris ann an dreuchdan malairteach agus obrachaidh. Tha e air obrachadh mar mhanaidsear cunntachail agus mar neach-dreuchd ainmichte ann an obair seirbheisean-adhair agus gnìomhan talmhainn agus stiùireadh leantainneach air ion-itealachd.
Tha Chris a’ cur an eòlais seo uile an sàs airson na h-obair comhairleachaidh adhair aige. Tha e na stiùiriche neo-ghnìomhach air Air Service Training a tha stèidhichte ann am Peairt. Seo Buidheann a tha a’ tabhann trèanadh innleadairean shoithichean-adhair.
Roimhe sin, bha Chris na stiùiriche neo-ghnìomhach ann an dà bhuidhinn eile co-cheangailte ri seirbheisean adhair. Companaidh-adhair roinneil ann an Eileanan a’ Chaolais; agus companaidh ag obair gus soithichean-adhair a thionndadh gu bhith air an ruith le cumhachd haidridein.
Clàr nan Com-pàirtean
Dreuchdan le tuarastal:
- Energy Aviation Services Ltd
- Air Service Training (Engineering) Limited
- Bòrd Comhairlichean Port-adhair Mhanainn
Com-pàirtean neo-ionmhasail:
- Vale of York Strut, Light Aircraft Association - Co-òrdanaiche Strut
- The Light Aircraft Association Ltd - NXD
Com-pàirtean buntainneach is aithnichte aig cèile, companach, agus teaghlach dlùth:
- (chan eil gin air an liostadh)
Gnothaichean co-cheangailte:
- (chan eil gin air an liostadh)
Taighean, fearann is togalaichean:
- (chan eil gin air an liostadh)
An t-ùrachadh mu dheireadh:
- An t-Iuchar 2024