Lorna Jack - Cathraiche HIAL
Na neach-cunntais clàraichte agus na ceumnaiche bho Oilthigh Obar Dheathain, tha Lorna air a bhith air a’ Bhòrd mar stiùiriche neo-ghnìomhach bhon Mhàrt 2014.
Bha i na cathraiche air a’ chomataidh sgrùdaidh fad còrr air trì bliadhna, agus i a’ dol na Cathraiche Eadar-amail ann an 2017, mus deach a cur an dreuchd mar Chathraiche a’ Bhùird ann an 2019.
San t-Samhain 2022 chaidh i na Cathraiche air Bòrd WBG Group, companaidh san roinn phrìobhaidich a tha a’ tabhann seirbheisean sgrùdaidh, ionmhas corporra, cunntasachd is chìsean le lìonra de dh’oifisean air feadh na h-Alba.
San t-Samhain 2023, chaidh Lorna na ball air Bòrd comhairleachaidh Port-adhair Mhanainn, a’ toirt comhairle ro-innleachdail do Riaghaltas Mhanainn air structar agus obrachadh a’ phuirt-adhair aca.
Tha Lorna na h-Iar-chathraiche air Bòrd Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, a’ bhuidheann a tha a’ maoineachadh agus a’ cumail sùil air Oilthighean agus colaistean na h-Alba, agus tha i na Cathraiche air a’ Chomataidh Ionmhais aca.
Bho 1 Sultain 2022 tha i air a bhith na Consal Urramach airson Rìoghachd nan Tìrean Ìsle ann an Alba, agus bho 1 Faoilleach 2024, tha i air a bhith na Rùnaire air Buidheann nan Consalan, buidheann shaor-thoileach a tha a’ toirt na coimhearsnachd dioplòmasaich ann an Alba còmhla.
Tha i cuideachd na cathraiche air pannal an tachartais bhliadhnail Duaisean Laghail na h-Alba.
Bha Lorna na h-àrd-oifigear air Comann Lagha na h-Alba roimhe fad 13 bliadhna gus an do leig i dhith a dreuchd san Fhaoilleach 2022. Is e Comann Lagha na h-Alba a’ bhuidheann phroifeiseanta airson luchd-lagha Albannach. Bha i cuideachd na h-Urrasair agus na h-Ionmhasair air Fonndas Eadar-nàiseanta McConnell roimhe.
Clàr nan Com-pàirtean
Dreuchdan le tuarastal:
- Comhairle Maoineachaidh na h-Alba - Ball a’ Bhùird is Iar-chathraiche
- wbg - Stiùiriche is Cathraiche
- Bòrd Comhairlichean Port-adhair Mhanainn
Com-pàirtean neo-ionmhasail:
- Consal Urramach airson nan Tìrean Ìosal ann an Alba
- El Two Ltd - Stiùiriche
- Eurodome Earranta - rùnaire na companaidh
Com-pàirtean buntainneach is aithnichte aig cèile, companach, agus teaghlach dlùth:
- (chan eil gin air an liostadh)
Gnothaichean co-cheangailte:
- (chan eil gin air an liostadh)
Taighean, fearann is togalaichean:
- (chan eil gin air an liostadh)
An t-ùrachadh mu dheireadh:
- An t-Iuchar 2024